‘S e buidheann do shreapadairean neo-eismeileach a th’anns
an Mountain Instructors Community. Tha iad a’ toirt seachad trèanadh
ann an streap agus sgilean streap a dh’fheumar anns na beanntann
air feadh Bhreatuinn. Le aon ghuth, tha iad a’ cur air adhart inbhe àrd
ann an streap agus tha an logo a gealltainn teisteanas streap. Tha ballrachd
fosgailte do neachd-teagaisg sam bith a tha air 'Mountaineering Instructor
Certificate' fhaighinn agus aig a bheil eòlas mòr ann an
streap pearsanta agus a bhith a’ teagasg feadhainn eile a bhith
a’ streap.
‘S e am 'Mountaineering Instructor Certificate' an aon teisteanas
a tha a’ dèanamh cinnteach gu bheil an neach-teagaisg air
a h-uile sgil ann an streap fhaotainn, bho streap air creagan gu streap
geamhradail ann an Alba. ‘S e an teisteanas as àirde a tha
MLTUK (Mountain Leader Training UK) a’ toirt seachad. Chun a-seo,
tha na duine aig a bheil an teastanas seo a’ sanasachd an t-seirbheis
a tha iad a tabhainn gun logo sam bith (gu dearbha chan eil fear aig
an MLTUK) Airson a’ mhòr-shluagh a chuideachadh chaidh Mountain
Instructors Community a’ steidheachadh. Tha e a’ lionadh
bearn, agus airson a’ chiad turas faodaidh daoine a bhith cinnteach
gu bheil iad a’ faighinn an teagasg streap as fheàrr ma
chì iad an logo.
Tha a’ Choimhearsnachd a cur luach mhòr air streap a theagasg
ann an dòigh onarach. ‘S e an t-amas aca a bhith ann an
caidreachas ris an t-ionnsachadh as fhèarr ann an streap ann am
Breatunn. Bi gach ball airson cliù a bhuidinn àrdachadh ‘s
iad a’ toirt seachad teagasg ann an streap agus sgilean anns na
beanntan aig a h-uile ìre. Gheibh thu an aon ìre àrd
do sheirbheis air dìrean furasta, cuairtean anns na beanntan neo
air an turas as duilghe ‘s a gheamhradh.
Chan urrainn do neach-teagaisg a h-uile cunnart a thoirt air falbh bho
latha anns na beanntann. Ach, le bhith a’ dol le neach-teagaisg
leis an logo, faodaidh tu a bhith cinnteach gu bheil eòlas agus
teastanas aca air a h-uile seòrsa talamh fo chas anns gach seòrsa
sìde, airson cunnartan sam bith a lùghdachadh.
Tha an t-sreap a tha na buill a’ dèanamh thall thairis
agus air tursan anns na beanntann, gan dèanamh nan luchd-teagaisg
nas fheàrr air talamh creagach Bhreatuinn (agus gu h-àraid
ann am beanntan Alba ‘s a gheamhradh.) A dh’aindheoin sin,
tha obair treòrachaidh ann am beanntann na Alps air a dhèanamh
le luchd-teagaisg le cairt IFMGA agus gu dearbh ‘s e British
Mountain Guides ciud dhen fheadhainn as fheàrr. Tha tursan anns na Alps
a tighinn fo raon-dleastanais a British
Association of International Mountain Leaders.
|