‘S e seo dòigh fhurasda, shoilleir airson sealltainn do dhaoine an ìre as àirde ann an streap agus sgilean streap anns na beanntann ann am Breatunn. Ma chì thu an logo aig a’ Choimhearsnachd tha gealltanas agad gu bheil thu ceangailte ri neach-teagaisg aig a bheil WMCI teisteanas (Winter Mountaineering and Climbing Instructor) – an teisteanas as àirde ann am Breatunn. Chan e daoine a tha a’ trèanadh a tha seo neo daoine a tha a’ feuchainn ri dhèanamh a-mach gu bheil iad nas fheàrr na tha iad. Chan eil ann ach luchd teagaisg aig a bheil ùidh mhòr ann an streap agus streap geamhraidh ann an Alba.

‘S e buidheann do shreapadairean neo-eismeileach a th’anns an Mountain Instructors Community. Tha iad a’ toirt seachad trèanadh ann an streap agus sgilean streap a dh’fheumar anns na beanntann air feadh Bhreatuinn. Le aon ghuth, tha iad a’ cur air adhart inbhe àrd ann an streap agus tha an logo a gealltainn teisteanas streap. Tha ballrachd fosgailte do neachd-teagaisg sam bith a tha air WMCI fhaighinn agus aig a bheil eòlas mòr ann an streap pearsanta agus a bhith a’ teagasg feadhainn eile a bhith a’ streap.

 

‘S e am WMCI an aon teisteanas a tha a’ dèanamh cinnteach gu bheil an neach-teagaisg air a h-uile sgil ann an streap fhaotainn, bho streap air creagan gu streap geamhradail ann an Alba. ‘S e an teisteanas as àirde a tha MLTUK (Mountain Leader Training UK) a’ toirt seachad. Chun a-seo, tha na duine aig a bheil an teastanas seo a’ sanasachd an t-seirbheis a tha iad a tabhainn gun logo sam bith (gu dearbha chan eil fear aig an MLTUK) Airson a’ mhòr-shluagh a chuideachadh chaidh Mountain Instructors Community a’ steidheachadh. Tha e a’ lionadh bearn, agus airson a’ chiad turas faodaidh daoine a bhith cinnteach gu bheil iad a’ faighinn an teagasg streap as fheàrr ma chì iad an logo.

 

Tha a’ Choimhearsnachd a cur luach mhòr air streap a theagasg ann an dòigh onarach. ‘S e an t-amas aca a bhith ann an caidreachas ris an t-ionnsachadh as fhèarr ann an streap ann am Breatunn. Bi gach ball airson cliù a bhuidinn àrdachadh ‘s iad a’ toirt seachad teagasg ann an streap agus sgilean anns na beanntan aig a h-uile ìre. Gheibh thu an aon ìre àrd do sheirbheis air dìrean furasta, cuairtean anns na beanntan neo air an turas as duilghe ‘s a gheamhradh.

 

Chan urrainn do neach-teagaisg a h-uile cunnart a thoirt air falbh bho latha anns na beanntann. Ach, le bhith a’ dol le neach-teagaisg leis an logo, faodaidh tu a bhith cinnteach gu bheil eòlas agus teastanas aca air a h-uile seòrsa talamh fo chas anns gach seòrsa sìde, airson cunnartan sam bith a lùghdachadh.

 

Tha an t-sreap a tha na buill a’ dèanamh thall thairis agus air tursan anns na beanntann, gan dèanamh nan luchd-teagaisg nas fheàrr air talamh creagach Bhreatuinn (agus gu h-àraid ann am beanntan Alba ‘s a gheamhradh.) A dh’aindheoin sin, tha obair treòrachaidh ann am beanntann na Alps air a dhèanamh le luchd-teagaisg le cairt IFMGA agus gu dearbh ‘s e British Mountain Guides ciud dhen fheadhainn as fheàrr. Tha tursan anns na Alps a tighinn fo raon-dleastanais a British Association of International Mountain Leaders.